- Leum eadar an laptop, netbook agus desktop d' obrach agus faigh cothrom air gach rud 's e air a shioncronachadh gu fèin-obrachail. Thoir leat na sgrìobhainnean, an ceòl, na comharran-lìn, an leabhar sheòlaidhean agus nòtaichean agad ge be càit am bi thu le Ubuntu One.
- A' lorg dachaidh shàbhailte dha na faidhlichean cudromach agad? Gheibh gach cleachdaiche de Edunbuntu 2GB a stòras pearsanta sa neul an-asgaidh (agus barrachd dheth ma bhios feum agad air).
- Co-roinn pasganan leis an leabhar sheòlaidhean sioncronaichte agad. Cha robh co-obrachadh ann am pròiseact a-riamh cho furasta.
- Clàraich leinn 's tu a' cur gu dol aplacaid roghainnean Ubuntu One no a' tadhal air http://one.ubuntu.com/.